A collective voice for literature and languages in Scotland

Litir gu Glaschu | Letter to Glasgow

Bidh iad ag ràdh gu bheil ‘daoine a’ cur ri Glaschu’, ach dè tha a’ tachairt às aonais nan daoine ri sràidireachd a-muigh? Ciamar a tha an glasadh-sìos air ar beatha sa bhaile atharrachadh, agus dè bhios eadar-dhealaichte nuair a thig sinn a-mach a-rithist?

Tha Glaschu Beò agus Comhairle nan Leabhraichean ag iarraidh muinntir a’ bhaile agus Gaidheil Ghlaschu Litir gu Glaschu a sgrìobhadh, a’ cur an cèill na smuaintean aca aig an àm annasach seo. Bidh an fharpais a’ ruith gu 29 Ògmhios 2020, agus thèid aon litir a thaghadh airson duais £500 is thèid fhoillseachadh air-loidhne.

Feumaidh an sgrìobhadair a bhith 18 bliadhna a dh’aois no nas sine, agus feumaidh an litir a bhith sa Ghàidhlig agus nas lugha na 750 facal.

Thuirt Alison Lang, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean:
“An-uiridh, nuair a rinn Glaschu Beò a’ chiad fharpais airson ‘Litir gu Glaschu’, bha an litir a bhuannaich a’ bruidhinn mu cho trang is beothail ’s a bha am baile, ach tha cùisean eadar- dhealaichte a-nis. Tha daoine air a bhith cruthachail ged a tha iad glaiste a-staigh, agus tha sinn an dòchas gum bi an fharpais seo a’ brosnachadh sgrìobhadairean a bhith a’ cur an cèill am beachdan air Glaschu aig an àm neònach seo.”

Thuirt an Comhairliche Daibhidh Dòmhnallach, Cathraiche Ghlaschu Beò agus Iar- cheannard Chomhairle Baile Ghlaschu:
“Tron duilgheadas seo tha muinntir Ghlaschu air a bhith a’ lorg dòighean ùra a bhith a’ conaltradh ri chèile aig astar sàbhailte, agus tha an fharpais ‘Litir gu Glaschu’ a’ toirt deagh chothrom do luchd na Gàidhlig a bhith a’ bruidhinn ris a’ choimhearsnachd aca. Tha mi a’ coimhead le fiùghair ris na litrichean aca a leughadh, airson sealladh sònraichte fhaighinn air a’ bhaile mhòr againn aig an àm duilich seo.”

Airson nan riaghailtean gu lèir agus fios mu bhith a’ cur a-steach tagradh, faic glasgowlife.org.uk/gaelicarts

Ceistean bho na meadhanan gu: Joe Sanders, Oifigear Reic is Margaidheachd Chomhairle nan Leabhraichean, aig joe@gaelicbooks.org

Fios do luchd-deasachaidh:
Mu dheidhinn Chomhairle nan Leabhraichean
Is e Comhairle nan Leabhraichean a’ phrìomh bhuidheann a tha a’ cumail taic ri sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig. Is e buidheann-carthannais chlàraichte a th’ ann (SC025026) agus tha e a’ faighinn maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.
www.gaelicbooks.org

Mu dheidhinn Ghlaschu Beò

Is e buidheann-carthannais neo-eisimeileach a th’ ann an Glaschu Beò, a bhios a’ tairgsinn cultar, chur-seachadan agus sheirbheisean foghlaim choimhearsnachd do mhuinntir Ghlaschu agus daoine a tha a’ tadhal air a’ bhaile às leth Comhairle Baile Ghlaschu. Ann an 2018/19 bha làthaireachd 19 muillean aig tachartasan aig na h-ionadan agus na fèisean againn.

Ri linn suidheachadh caochlaideach a’ choronabhìorais tha na h-ionadan againn dùinte an- dràsta. Tha sinn air mòran de na tachartasan againn a thaobh cultar, spòrs agus ionnsachadh a chur air-loidhne. Airson faighinn a-mach mun phrògram air-loidhne ùr againn cleachd #GlasgowLifeGoesOn airson fios a lorg air na meadhanan sòisealta no faic https://www.glasgowlife.org.uk/glasgow-life-goes-on

***

They say ‘People make Glasgow’, so what is Glasgow without the people pounding its famous streets? How has the lockdown changed life in the city, and what will be different when we emerge again?

Glasgow Life and the Gaelic Books Council are inviting Glaswegians and Glasgow Gaels to write a Letter to Glasgow, to share their thoughts about this great city at an extraordinary time. The competition runs until 29 June 2020, after which one winner will be chosen from all entries. The winning entry will receive a £500 cash prize and their letter will be published online.

The only conditions of entry are that the letter writer must be aged 18 or over and that their letter must be written in Gaelic and no longer than 750 words.

Alison Lang, Director of the Gaelic Books Council, said:
“Last year, Glasgow Life ran its first ‘Letter to Glasgow’ competition. The winning entry celebrated the city’s bustle and vitality, but this year things are very different. People’s creativity and resilience during the lockdown have been inspiring, and we hope this competition will encourage writers to express their feelings about Glasgow in these strange times.”

Councillor David McDonald, Chair of Glasgow Life and Depute Leader of Glasgow City Council, said:
“Throughout this crisis, Glaswegians have been finding original ways to communicate with each other while social distancing and the ‘Letter to Glasgow’ competition is a great opportunity for Gaelic-speakers to address their community. I look forward to reading their correspondence, which is bound to offer illuminating insight into the life of our great city during this challenging period.”

For full terms and conditions, and to find out how to submit your entry, visit glasgowlife.org.uk/gaelicarts

Press inquiries to: Joe Sanders, Sales and Marketing Officer, Gaelic Books Council, at joe@gaelicbooks.org.

Notes to editors:

About the Gaelic Books Council

Comhairle nan Leabhraichean (the Gaelic Books Council) is the lead organisation supporting Gaelic writers and publishers in Scotland. It is a registered charity (no SC025026) and receives funding from Bòrd na Gàidhlig and Creative Scotland. www.gaelicbooks.org

About Glasgow Life

Glasgow Life is an independent charity which provides culture, leisure and community learning services to citizens and visitors to Glasgow on behalf of Glasgow City Council. In 2018/19, nearly 19 million attendances were recorded across our venues, events and festivals.

Due to the evolving coronavirus situation, we’ve had to temporarily close our venues. During this period, we’ve moved much of our culture, sport and learning offering online. For our new online programming, search social media using the hashtag #GlasgowLifeGoesOn or visit https://www.glasgowlife.org.uk/glasgow-life-goes-on.

page4image25873408

Tags: , , , , ,
June 1, 2020

0 Comments

Leave a Reply