A collective voice for literature and languages in Scotland

The Gaelic Literature Awards 2020 shortlists / Na Duaisean Litreachais 2020 geàrr-liostaichean

Tha Comhairle nan Leabhraichean air geàrr-liostaichean nan Duaisean Litreachais 2020 fhoillseachadh. Tha duaisean rim faighinn ann an sia roinnean, eadar leabhraichean a chaidh fhoillseachadh bho 1 Cèitean 2019 gu 30 Giblean 2020, agus làmh-sgrìobhainnean nach eil fhathast ann an clò.

An Leabhar Ficsein as Fheàrr (Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn)

Air an Oir, Iain D. Urchardan (Acair)
An Tiortach Beag agus Sgeulachdan Eile, Mòrag Anna NicNèill (Acair)
Cuibhle an Fhortain, Mòrag Law (Luath Press)
Dà Shamhradh ann an Raineach, Graham Cooper (Luath Press)

 

An Leabhar Bàrdachd as Fheàrr (Duais Ruaraidh MhicThòmais)


Ceum air Cheum / Step by Step, Crìsdean MacIlleBhàin (Acair)
Cluaintean Uaine, Seòras Moireach agus Dòmhnall MacIllÌosa (Acair)
Dàin nan Dùil, Deborah Moffatt (CLÀR)
Nàdar De / Some Kind Of, Pàdraig MacAoidh (Acair)

 

An Leabhar Neo-fhicsein as Fheàrr (Duais Dhòmhnaill Meek)

Às na Freumhan, Timothy Currie Armstrong (Clò Ostaig)
Eadar Dà Shaoghal / Between Two Worlds, Dòmhnall MacLeòid (Acair)
Seòl mo Bheatha, Dòmhnall Eachann Meek (CLÀR)
The Highest Apple / An Ubhal As Àirde
, deas. Wilson McLeod & Mìcheal Newton (Francis Boutle)

 

An Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh


Calum agus àirne Mhoire, Flòraidh NicDhòmhnaill (Flòraidh NicDhòmhnaill)
Mo Ghranaidh agus an Losgann Mòr, Marie C. NicAmhlaigh, (Acair)
Tintin: Ciste Chastafiore, Hergé, eadar-th. Raghnaid Sandilands (Dalen Ltd)
Tintin: Slat-rìoghail Rìgh Ottokar, Hergé, eadar-th. Raghnaid Sandilands (Dalen Ltd)

 

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do Chloinn/Òigridh
Ailig agus an Dalek Gàidhlig, Shelagh Chaimbeul
Cèic airson Màiri, Uilleam Moireach
Donaidh Dathach, Gwen Bowie
’S toigh leam slug salach, Ceitidh Hutton

 

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do dh’Inbhich
Àm nan Aisling Àraid, Robbie A. MacLeòid
Anns a’ Chiaradh, Rody Gorman
cruthan , Nathaniel Harrington
Linne Dhomhainn, Alistair Paul

Thèid na duaisean a thoirt seachad Diardaoin 17 Sultain 2020, ann an tachartas bhidio a thèid a chraoladh air YouTube, Facebook agus Twitter.

Tha Comhairle nan Leabhraichean an comain Chomann Gàidhealach Lunnainn airson taic a chumail ris an duais airson an leabhair fhicsein as fheàrr. Tha sinn taingeil do theaghlach Ruaraidh MhicThòmais, nach maireann, airson cead ainm an athar a chur air an duais airson an leabhair bhàrdachd as fheàrr. Agus tha sinn cuideachd a’ toirt taing don Ollamh Dòmhnall Meek airson cead ainm a chur air an duais airson leabhar neo-fhicsein, agus airson a thaic leantainneach do Chomhairle nan Leabhraichean thairis air na bliadhnaichean.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh bho Alison Lang aig alison@gaelicbooks.org no 07949618557.

Notaichean do luchd-deasachaidh

Is e Comhairle nan Leabhraichean a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba a tha a’ toirt taic do sgrìobhadh agus foillseachadh sa Ghàidhlig. Is e buidheann charthannais a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean, a tha a’ faighinn maoineachadh bho Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig.

Bho 2010 gu 2019, bha Comhairle nan Leabhraichean a’ brosnachadh sgrìobhadh ùr sa Ghàidhlig le Duais Dhòmhnaill Meek, a’ comharrachadh nan làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte as fheàrr. Is e 2020 a’ chiad bhliadhna de na Duaisean Litreachais, a tha a’ fosgladh na farpais gu leabhraichean foillsichte, a bharrachd air leabhraichean nach eil fhathast ann an clò. Chithear na leabhraichean a fhuair Duais Dhòmhnaill Meek aighttps://gaelicbooks.org/index.php?route=information/information&cat=3&information_id=198.

www.gaelicbooks.org

 

 English

The Gaelic Literature Awards 2020 shortlists

The Gaelic Books Council (Comhairle nan Leabhraichean) has announced the shortlists for the Gaelic Literature Awards 2020. Prizes are to be awarded in six categories, for titles published between 1 May 2019 and 30 April 2020, and for unpublished manuscripts.

Best Fiction Book (Highland Society of London Prize)

Air an Oir, John D. Urquhart (Acair)
An Tiortach Beag agus Sgeulachdan Eile, Morag Ann MacNeil (Acair)
Cuibhle an Fhortain, Morag Law (Luath Press)
Dà Shamhradh ann an Raineach, Graham Cooper (Luath Press)

 

Best Poetry Book (Derick Thomson Prize)


Ceum air Cheum / Step by Step, Christopher Whyte (Acair)
Cluaintean Uaine, George L. Murray and Donald Gillies (Acair)
Dàin nan Dùil, Deborah Moffatt (CLÀR)
Nàdar De / Some Kind Of, Peter Mackay (Acair)

 

Best Non-fiction Book (Donald Meek Prize)


Às na Freumhan, Timothy Currie Armstrong (Clò Ostaig)
Eadar Dà Shaoghal / Between Two Worlds, Donald MacLeod (Acair)
Seòl mo Bheatha, Donald E. Meek (CLÀR)
The Highest Apple / An Ubhal As Àirde, ed. Wilson McLeod & Michael Newton (Francis Boutle)

 

Best Book for Children/Young People


Calum agus àirne Mhoire, Flora MacDonald (Flora MacDonald)
Mo Ghranaidh agus an Losgann Mòr, Marie C. Macaulay, (Acair)
Tintin: Ciste Chastafiore, Hergé, trans. Raghnaid Sandilands (Dalen Ltd)
Tintin: Slat-rìoghail Rìgh Ottokar, Hergé, trans. Raghnaid Sandilands (Dalen Ltd)

 

Best Unpublished Manuscript for Children/Young People
Ailig agus an Dalek Gàidhlig, Shelagh Campbell
Cèic airson Màiri, William Murray
Donaidh Dathach, Gwen Bowie
’S toigh leam slug salach, Ceitidh Hutton

 

Best Unpublished Manuscript for Adults
Àm nan Aisling Àraid, Robbie A. MacLeod
Anns a’ Chiaradh, Rody Gorman
cruthan , Nathaniel Harrington
Linne Dhomhainn, Alistair Paul

The prizes will be awarded on Thursday 17 September 2020 in an online event to be broadcast on YouTube, Facebook and Twitter.

The Gaelic Books Council is grateful to the Highland Society of London for sponsoring the prize for the best fiction book. We thank the family of Derick Thomson for their permission to name the prize for best poetry book after their late father. We also thank Professor Donald Meek for lending his name to the prize for the best non-fiction book, and for his continued support for the Gaelic Books Council over the years.

Further information is available from Alison Lang at alison@gaelicbooks.org or 07949618557.

Notes for editors

The Gaelic Books Council (Comhairle nan Leabhraichean) is the lead organisation in Scotland supporting writing and publishing in Gaelic. It is a registered charity and receives funding from Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.

From 2010 to 2019, the Gaelic Books Council encouraged and celebrated new Gaelic writing with the Donald Meek Award, offering an annual prize for the best unpublished manuscript. 2020 is the first year of the new Gaelic Literature Awards, opening up the competition to include titles newly in print as well as unpublished manuscripts. Information about previous winners of the Donald Meek Award is available at:

https://gaelicbooks.org/index.php?route=information/information&cat=3&information_id=198.

August 28, 2020