A collective voice for literature and languages in Scotland

Na Duaisean Litreachais 2021 / The Gaelic Literature Awards 2021 

Tha Na Duaisean Litreachais 2021 fosgailte airson thagraidhean bho sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig. Bidh duaisean rim faighinn airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 01 Cèitean 2020 agus 30 Giblean 2021 ann an diofar ghnèithean litreachais: 

•Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn airson an leabhair fhicsein as fheàrr

•Duais Ruaraidh MhicThòmais airson an leabhair bhàrdachd as fheàrr, le taic bhoLeabharlann Bàrdachd na h-Alba

•Duais Dhòmhnaill Meek airson an leabhair neo-fhicsein as fheàrr

•Duais airson an leabhair as fheàrr do chloinn/òigridh

A bharrachd air leabhraichean a tha ann an clò mar-thà, faodaidh sgrìobhadairean làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte do chloinn is do dh’inbhich a chur a-steach, agus gheibh ùghdar na làmh-sgrìobhainn as fheàrr do chloinn cothrom an leabhar aca a leasachadh ann an co-bhann leis an fhoillsichear Acair. 

Thuirt Alison Lang, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean: “Tha sinn an comain ar caraidean aig Comann Gàidhealach Lunnainn agus Acair airson a bhith an sàs anns na Duaisean Litreachais a-rithist, mar a bha iad an-uiridh. Agus anns a’ bhliadhna sa bheil sinn a’ comharrachadh 100 bliadhna bho rugadh Ruaraidh MacThòmais, a’ chiad Chathraiche a bh’ aig Comhairle nan Leabhraichean, tha sinn taingeil do Leabharlann Bàrdachd na h-Alba airson taic a chumail ris an duais airson an leabhair bhàrdachd as fheàrr. Tro na duaisean seo tha sinn airson aire a thoirt don tàlant a th’ aig sgrìobhadairean Gàidhlig agus do chàileachd nan leabhraichean a chaidh fhoillseachadh sa bhliadhna a dh’fhalbh.” 

Thuirt Asif Khan, Stiùiriche Leabharlann Bàrdachd na h-Alba: “Tha Leabharlann Bàrdachd na h-Alba toilichte a bhith a’ cumail taic ris an fharpais airson an leabhair bhàrdachd as fheàrr am-bliadhna, air ainmeachadh airson fear de na cinn-suidhe urramach againn, Ruaraidh MacThòmais. Tha bàrdachd fo bhlàth ann an diofar choimhearsnachdan air feadh na h-Alba. Tha e cudromach gun aithnich sinn mar a tha bàrdachd a’ cur ri adhartas cultarach, sòisealta agus poilitigeach an nàisein, agus a’ gleidheadh, a’ taisbeanadh agus a’ comharrachadh nan cànanan dùthchasach againn.”

Thuirt Duncan Byatt, Ceann-suidhe Chomann Ghàidhealach Lunnainn: “Tha Comann Gàidhealach Lunnainn air leth toilichte a bhith a’ toirt taic a-rithist don duais airson an leabhair fhicsein as fheàrr, agus do Na Duaisean Litreachais san fharsaingeachd. Tha sinn taingeil do Chomhairle nan Leabhraichean airson an fharpais seo a chur air dòigh agus airson ùrlar a chruthachadh chan ann a-mhàin don neach-buannachaidh ach cuideachd airson barrachd leabhraichean ann an gnè-litreachais a tha a’ sìor fhàs agus a’ glacadh aire is macmheanmna nan leughadairean.”

Thuirt Agnes Rennie, Manaidsear Acair: “Tha Acair toilichte taic a chur ri Na Duaisean Litreachais agus tha sinn an dòchas gum faic sinn meall thagraidhean a’ tighinn air adhart le sgeulachdan ùra.”

Is e 30 Giblean 2021 an ceann-là agus gheibhear fios mu na cumhachan is riaghailtean an seo.

Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh air 16 Sultain 2021.

Notaichean do Luchd-deasachaidh

’S i Comhairle nan Leabhraichean am prìomh bhuidheann le dleastanas airson taic a chumail ri ùghdaran agus ri foillsichearan Gàidhlig na h-Alba, agus airson ìomhaigh is ruigsinneachd leabhraichean Gàidhlig a thogail ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta. ’S e carthannais chlàraichte a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean, a bhios a’ faighinn maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.

Airson barrachd fiosrachadh cuiribh fios gu Alison Lang air alison@gaelicbooks.org. www.gaelicbooks.org 

ENGLISH

The Gaelic Literature Awards 2021 are open for submissions from Gaelic writers and publishers. Prizes will be awarded for books published between 01 May 2020 and 30 April 2021 in a number of categories: 

•The Highland Society of London Prize for the best fiction book

•The Derick Thomson Prize for the best poetry book, sponsored by the Scottish PoetryLibrary

•The Donald Meek Award for the best non-fiction book

•Best Book for Children or Young People

In addition to published books, there is also an opportunity for writers to submit unpublished manuscripts for children and for adults, and the winner of the best unpublished manuscript for children will have the opportunity to develop their book with Acair. 

Alison Lang, Director of the Gaelic Books Council, said: “We are indebted to our friends at the Highland Society of London and at Acair for supporting the Gaelic Literature Awards again, as they did last year. And in the year in which we are celebrating 100 years since the birth of Derick Thomson, the Gaelic Books Council’s first Chair, we are grateful to the Scottish Poetry Library for sponsoring the prize for the best poetry book. Through these awards we want to showcase the talents of Gaelic writers and the fine quality of the books that have been published over the past year.” 

Asif Khan, Director of the Scottish Poetry Library, said: “The SPL is delighted to support this year’s Gaelic poetry book prize, named after one of our founding Honorary Presidents, Derick Thomson. Poetry is blossoming in Scotland in all walks of life and across communities. It is important that we salute its expressive role in the progressive cultural, social and political development of the nation, and also for the conservation, promotion and celebration of our indigenous languages.” 

Duncan Byatt, President of the Highland Society of London said: “The Highland Society of London is extremely happy to continue its support for the prize for the best fiction book, and for the Gaelic Literature Awards in general. We are very grateful to the Gaelic Books Council for organising this competition and creating a platform, not just for the winner, but also for a growing selection of Gaelic fiction books to become more widely available and talked about by readers.”

Agnes Rennie, Manager of Acair, said: “Acair is pleased to support the Gaelic Literature Awards and we hope to see a flood of entries coming in with new stories.”

The deadline for submissions is 30 April 2021 and the terms and conditions can be found here.

The winners will be announced on 16 September 2021.

Notes for editors:

The Gaelic Books Council is the lead organisation supporting Scottish Gaelic writers and publishers, through grants, writer development, and the promotion of reading and enjoyment of literature. It is a registered charity and receives funding from Bòrd na Gàidhlig and Creative Scotland.

For more information and quotes, please contact Alison Lang on alison@gaelicbooks.org. www.gaelicbooks.org 

Reproduced from GBC’s press release.

March 4, 2021