A collective voice for literature and languages in Scotland

The Gaelic Literature Awards 2022

The Gaelic Books Council has announced that the Gaelic Literature Awards 2022 are open for submissions from Scottish Gaelic writers and publishers. Prizes will be awarded for books published between 1 May 2021 and 30 April 2022 in a number of categories: 

  • Poetry – The Derick Thomson Prize, sponsored by the Scottish Poetry Library 
  • Fiction – The Highland Society of London Prize 
  • Non-fiction – The Donald Meek Award 
  • Children/young people 

In addition to published books, there is also an opportunity for writers to submit unpublished manuscripts for children and for adults. As part of the prize, the winner of the best manuscript for children will have the opportunity to develop their book with the publisher, Acair. 

 

Alison Lang, Director of the Gaelic Books Council, said: “The strength of Gaelic writing and publishing despite all the challenges of the past two years has been a cause for celebration, and we hope to see the same standards of excellence and creativity in this year’s submissions. We are grateful to our sponsors and funders for their continuing support, and we look forward to discovering new authors and to rewarding the best Gaelic books published in the past year.” 

The deadline for submissions is 30th April 2022 and the competition terms and conditions can be found here. The winners will be announced on 15th September 2022.

Notes for editors: 

The Gaelic Books Council is the lead organisation supporting Scottish Gaelic writers and publishers, through grants, writer development, and the promotion of reading and enjoyment of literature. It is a registered charity and receives funding from Bòrd na Gàidhlig and Creative Scotland. 

For further information, please contact NDL@gaelicbooks.org or 0141 337 6211 

NA DUAISEAN LITREACHAIS 2022 

Tha Comhairle nan Leabhraichean air ainmeachadh gu bheil Na Duaisean Litreachais 2022 fosgailte airson thagraidhean bho sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig. Bidh duaisean rim faighinn airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2021 agus 30 Giblean 2022 ann an diofar gnèithean litreachais: 

  • • Bàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais, le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba 
  • • Ficsean – Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn 
  • • Neo-fhicsean – Duais Dhòmhnaill Meek 
  • • Clann/òigridh 

A bharrachd air leabhraichean a tha ann an clò mar-thà, faodaidh sgrìobhadairean làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte do chloinn is do dh’inbhich a chur a-steach dhan fharpais. A thuilleadh air an duais, bidh cothrom aig ùghdar na làmh-sgrìobhainn as fheàrr do chloinn an leabhar aca a leasachadh ann an co-bhann leis an fhoillsichear Acair. 

Thuirt Alison Lang, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean: “Tha neart agus seasmhachd sgrìobhadh agus foillseachadh sa Ghàidhlig thairis air an dà bhliadhna a dh’fhalbh, a dh’aindeoin gach dùbhlan a bha san rathad oirnn, na adhbhar gàirdeachais airson a’ ghnìomhachais, agus tha sinn an dòchas gum faic sinn leabhraichean aig an dearbh ìre de càileachd chruthachail san fharpais am-bliadhna. Tha sinn an comain nam buidhnean a bhios a’ cumail taic rinn agus a tha a’ maoineachadh dhuaisean san farpais seo, agus bidh sinn a’ cur fàilte air thagraidhean bho sgrìobhadairean ùra agus bho fhoillsichearan nan leabhraichean as fheàrr a tha air nochdadh sa bhliadhna a dh’fhalbh.” 

Is e 30 Giblean 2022 an ceann-latha airson thagraidhean agus gheibhear fios mu riaghailtean na farpaise an seo. Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh air 15 Sultain 2022.

Notaichean do luchd-deasachaidh: 

’S i Comhairle nan Leabhraichean am prìomh bhuidheann airson taic a chumail ri ùghdaran agus ri foillsichearan Gàidhlig na h-Alba, tro thabhartasan, taic-leasachaidh, agus adhartachadh leughadh agus tlachd ann an litreachas. ’S e carthannas clàraichte a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean, a tha maoinichte le Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail. 

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun bhrath naidheachd seo, cuiribh fios gu NDL@gaelicbooks.org no 0141 337 6211 

www.gaelicbooks.org 

March 4, 2022

0 Comments

Leave a Reply